?

Log in

No account? Create an account

Smaoineachaidhean · Sorcha


Obh Obh Obh

Recent Entries · Archive · Friends · Profile

* * *
Tha mi a' tuigsinn nach eil Sabhal Mòr Ostaig airson oileanaich a' chall. Tha feum mòr aca air oileanaich. Tha iad deònach gu leòr, cha mhòr, duine sam bith leigeal a-staigh fhad 's tha uidh aca ann an Gàidhlig ionnsachadh ach chan eil iad idir deònach airson oileanaich a' bhith fagail leth-pairt tron a' chaid teirm. Gach turas a tha mi a' faidheachainn a' bhith ag innse ri an colaisde gu bheil mi airson tide a-miugh a' gabhail bho foghlam, tha iad ag ràdh "Ok, ach dè mu dheidhinn fuireach? Thig air ais Dihaoine."

Chan eil mi uabhasach toilichte an-seo idir agus chan eil mi air a bhith toilichte an-seo airson bliadhnaichean a-nis. Dh' atharraich mi cùrsaichean iomadh tursan ach aig deireadh an latha, tha mi a' smaoineachadh nach eil seo an àite dhomh-sa. Tha mi air leth taingeal gun d' fhuair mi na Gàidhlig ach chan eil ùidh sam bith san t-saoghal anns na cuspairean eile an-seo agus mar a thuirt mi an-deidh, chan eil ùidh sam bith san t-saoghal ann an gramar na gàidhlig.

Thàinig mi an-seo airson mo chuid Gàidhlig a' leasachadh agus airson Cùrsa Tbh a' dhèanamh. Rinn mi sin. Ged gun d' fhuair mi a-mach nach robh saoghal Tbh buileach dhomhsa, 's e cothrom math a bh' ann.

Ach uill, tha mi ag obair an-diugh aig Fàs Mòr - cuiream chloinne an-seo. Cha bhith ach dithis againn an-diugh. Tha an obair sin a' cordadh ruim fada fada nas fhèarr na an cùrsa. Tha e duilich nach eil mi ag obair lan-thide agus gu bheil mi dìreach a' dèanamh 'cover shifts' gu bidh dè an gàidhlig airson 'cover shift'. Tha riaghlt ann an-seo, ma tha thu a' cuir facal beurla ann an cromagan àrda, chan eil e gu eadar-dhealachadh sam bith gu bheil e ann am beurla.

Ah uill, tha tòrr rudan agam ri dhèanamh an-diugh. 'S docha sgrìobhaidh mi barrachd a-nochd.
Current Mood:
frustrated obh obh obh!
* * *