?

Log in

No account? Create an account

Smaoineachaidhean · Sorcha


Cha toigh leum pacadh idir, idir, idir!

Recent Entries · Archive · Friends · Profile

* * *
Tha e fada, fada ro stressful! Tha cus stuth agam. Tha a h-uile baga agam làn 's trom agus fhathast tha stuth ann ri pacadh! Tha fios agam nach bu choir dhomh a' bhith gearran, tha a h-uile rud ag obair a-mach beag air bheag. Aig 5 uair, bidh a h-uile rud deiseal agus bidh mi a' dol dhan Àrd a Bhasar airson an deireadh-seachdainn no seachdainn no gu bi dè fada, chan eil fhios agam. Tha a h-uile rud a' cnochadh air Mairead bhon na oifisean-airgeid. Tha an cumhachd aice a' bhith toirt am paigh agam dhomh trath no a' bhith ag ràdh "Cha bhith thu ga faighinn gus an 20mh latha".
Thàinig Emma suas agus bha sinn ag òl ti ri chèile. Bha sin snog. 'S docha gum bith mi aig an dannsa a-nochd, bu choir dhomh a' dol ann, tha fios agam. Ma bhios mi a' dol, bidh mi nam bhana-phrionnsa de dhorachdas. Bù tha tha tha.
Feumaidh mi a' dol air ais ag aithghearr dhan an seòmar falamh agam airson crìoch a' cur air am pacadh. Tha mi ag iarraidh falbh, ach cha eil mi airson pacadh a' dèanamh le sin tha mi a' dèanamh tòrr procrastanatachadh (deagh facail gàidhlig nach eil?)
Current Mood:
busy trang
* * *
* * *
On December 6th, 2005 01:34 pm (UTC), (Anonymous) commented:
Fagail an eilein
Hai Shorcha
A' bheil thu aig Sabhal Mor Ostaig fhathast no an deich thu gu Dun Eidean cheana? Am bi thu a' sgriobhadh nas motha air an larach-lin seo neo an do chuir thu stad ris seachd nach do sgriobh thu idir air son tri seachdanan. Is math leam an leughadh mar sin tha mi an dochas gun dean thusa barrachd fhathast. Thoisich mise blog o chionn ghoirid cuidich ach aig BlogSpot. Innis dhomh
Seonaidh
(SeonaidhMacFhraing@optusnet.com.au)
[User Picture]
On December 8th, 2005 07:01 pm (UTC), sorcha_aodhagan replied:
Re: Fagail an eilein
Bidh mi a' sgriobhadh fathast anns an leabhar-latha seo nuair a tha cothrom agam ach an-drasta tha e caran doirbh tide fhaighinn air a' choimpiutar.
* * *

Previous Entry · Leave a comment · Share · Next Entry