?

Log in

No account? Create an account

Smaoineachaidhean · Sorcha


Chan eil e ach 8 sa mhadainn!

Recent Entries · Archive · Friends · Profile

* * *
Tha mi tinn agus feumaidh mi obair an-diugh. Bha mi suas aig 7m a' casadaich agus cha b' uarrainn dhomh cadail as dèidh sin. Tha mi a' smaoineachadh gur e àm na lemsip 's inhalor (chan eil cail a dh' fhios agam an Gàidhlig airson 'inhalor') a th' ann a-nis. Nuair a tha mi a' faighinn cnatan, tha an asthma agam a' fàs nas miosa. Leis an dithis ri chèile, chan e bunadih toilichte a th' annam idir! Agus feumaidh mi coimhead as dèidh tòrr chlann an-diugh! 'S toigh leum an obair ach nuair a tha mi tinn agus sgith, chan eil mòran neart agam a' bhith a' chluich agus a' sgioblachadh. Co-dhiù, cha bu choir dhomh a' bhith gearran. Bidh an airgead air leth feumail dhomh agus bidh e nas fhèarr na suidhe nam sheòmar leum-fhìn fad an latha.
Cuideachd, feumaidh mi bruidhinn ri Sheila an-diugh agus tha mi'n dòchas, an turas seo, gum bi i ag èisteachd ruim! Ni mi sin aig àm biadh meadhan-latha. Thòisich an colaisde a' bhith cleachdadh lòn airson biadh meadhan-latha ach 's e facail gorach a th'ann. Tha iad an comhnaidh a' dèanamh suas facalan ùr an-seo airson nuadhachadh a' dhèanamh. Co-dhiù, 's e tangant a bh' ann an sin. Bidh mi a' bruidhinn rithe an-sin agus ri Carlotta. Tha mi'n dòchas gum bi i a' toirt an àirgead dhomh tha feum nas motha agam air an airgead sin na aig a' cholaisde agus bidh mi a' paigheadh an colaisde air ais cho luath 's a tha airgead gu leòr agam.
Ma tha mi a' faighinn an airgead, cheannaichidh mi na tiocaidean agam ri Dun Eideann. Lorg mi doigh a' bhith dol ann airson mu £10! Nach eil sin dìreach miorbhalach? Feumaidh mi a' dol gu Inbhir Nis air Citylink (grr Citylink, chuair iad Skyeways a-mach a gniomachais agus a-nis tha na faraidhean aca cho daor mura h-eil thu a' ceannach air loidhne) agus a gabhail am megabus gu Dun Eideann. Ach uill, bidh mi a' falbh an-drasta.
Current Mood:
sick tinn
* * *