?

Log in

No account? Create an account

Smaoineachaidhean · Sorcha


Am Beatha Neonach aig Nighean Neonach

Recent Entries · Archive · Friends · Profile

* * *
Chan eil moran tide agam ach sgriobhaidh mi pios beag gu luath. Tha mi a' fuireach a-nis ann an ostail oigridh faisg air Sraid a Phrionnsa agus tha mi ag obair ann am buth air Sraid a' Phrionnsa. Chan eil mi a' deanamh cus ach a' dol dhan obair agus chilleadh a-mach feasgar, an-seo agus aig Cafaidh na Coille. Tha e a' cordadh ruim a' bhith an-seo.
Current Mood:
chipper toilichte gu leor
* * *
Tha e fada, fada ro stressful! Tha cus stuth agam. Tha a h-uile baga agam làn 's trom agus fhathast tha stuth ann ri pacadh! Tha fios agam nach bu choir dhomh a' bhith gearran, tha a h-uile rud ag obair a-mach beag air bheag. Aig 5 uair, bidh a h-uile rud deiseal agus bidh mi a' dol dhan Àrd a Bhasar airson an deireadh-seachdainn no seachdainn no gu bi dè fada, chan eil fhios agam. Tha a h-uile rud a' cnochadh air Mairead bhon na oifisean-airgeid. Tha an cumhachd aice a' bhith toirt am paigh agam dhomh trath no a' bhith ag ràdh "Cha bhith thu ga faighinn gus an 20mh latha".
Thàinig Emma suas agus bha sinn ag òl ti ri chèile. Bha sin snog. 'S docha gum bith mi aig an dannsa a-nochd, bu choir dhomh a' dol ann, tha fios agam. Ma bhios mi a' dol, bidh mi nam bhana-phrionnsa de dhorachdas. Bù tha tha tha.
Feumaidh mi a' dol air ais ag aithghearr dhan an seòmar falamh agam airson crìoch a' cur air am pacadh. Tha mi ag iarraidh falbh, ach cha eil mi airson pacadh a' dèanamh le sin tha mi a' dèanamh tòrr procrastanatachadh (deagh facail gàidhlig nach eil?)
Current Mood:
busy trang
* * *
Abair oidhche fada agus tiorm! Tha mi a' faireachdan cho tinn cuideachd. Chan eil mi idir toilichte no sunndach a-nochd. Tha mi a' faireachdan mar bàs air a blathachadh suas. Bidh mi a' dol dhan leabaidh trath a-nochd agus bidh mi a' cadail a-staigh anns a mhadainn tha mi'n dochas. Tharais air an deireadh seachdan seo, tha mi airson tòrr fois agus lemsips a' gabhail airson 's gum bidh mi nas fhèarr an ath-sheachdainn. Feumaidh mi cur greim air echineacha cuideachd.
Chan eil mòran ann ri dhèanamh air sgath 's gu bheil a mhòr cuid den an stuth agam ann am bagaichean. 'S dòcha theid mi air ais ann am mionaid agus leughaidh mi barrachd.
Current Mood:
sick tinn
* * *
Tha mi tinn agus feumaidh mi obair an-diugh. Bha mi suas aig 7m a' casadaich agus cha b' uarrainn dhomh cadail as dèidh sin. Tha mi a' smaoineachadh gur e àm na lemsip 's inhalor (chan eil cail a dh' fhios agam an Gàidhlig airson 'inhalor') a th' ann a-nis. Nuair a tha mi a' faighinn cnatan, tha an asthma agam a' fàs nas miosa. Leis an dithis ri chèile, chan e bunadih toilichte a th' annam idir! Agus feumaidh mi coimhead as dèidh tòrr chlann an-diugh! 'S toigh leum an obair ach nuair a tha mi tinn agus sgith, chan eil mòran neart agam a' bhith a' chluich agus a' sgioblachadh. Co-dhiù, cha bu choir dhomh a' bhith gearran. Bidh an airgead air leth feumail dhomh agus bidh e nas fhèarr na suidhe nam sheòmar leum-fhìn fad an latha.
Cuideachd, feumaidh mi bruidhinn ri Sheila an-diugh agus tha mi'n dòchas, an turas seo, gum bi i ag èisteachd ruim! Ni mi sin aig àm biadh meadhan-latha. Thòisich an colaisde a' bhith cleachdadh lòn airson biadh meadhan-latha ach 's e facail gorach a th'ann. Tha iad an comhnaidh a' dèanamh suas facalan ùr an-seo airson nuadhachadh a' dhèanamh. Co-dhiù, 's e tangant a bh' ann an sin. Bidh mi a' bruidhinn rithe an-sin agus ri Carlotta. Tha mi'n dòchas gum bi i a' toirt an àirgead dhomh tha feum nas motha agam air an airgead sin na aig a' cholaisde agus bidh mi a' paigheadh an colaisde air ais cho luath 's a tha airgead gu leòr agam.
Ma tha mi a' faighinn an airgead, cheannaichidh mi na tiocaidean agam ri Dun Eideann. Lorg mi doigh a' bhith dol ann airson mu £10! Nach eil sin dìreach miorbhalach? Feumaidh mi a' dol gu Inbhir Nis air Citylink (grr Citylink, chuair iad Skyeways a-mach a gniomachais agus a-nis tha na faraidhean aca cho daor mura h-eil thu a' ceannach air loidhne) agus a gabhail am megabus gu Dun Eideann. Ach uill, bidh mi a' falbh an-drasta.
Current Mood:
sick tinn
* * *
....'s mi leum fhìn"
Gu leòr seinn airson an-drasda. Tha dìreach cùs agam ri dhèanamh ach tha tòrr tide agam. Bha obair ceart gu leòr an-diugh agus bidh mi a' dèanamh na aon uairean a-maireach. Feumaidh mi an airgead!! Tha mi a' faireachdan mar nach eil mi a' dèanamh adhartas sam bith leis mo phacadh. Bidh mi a' dol dhan leabaidh trath-ish le sin cha bhith mi deiseal a-nochd. 'S docha a-maireach.
Oidhche Mhath.
Current Mood:
exhausted cadalach
* * *
* * *
Tha mi ag obair a-rithist an-diugh, ach tha mi a' dèanamh fad an latha an-diugh an àite dìreach na tri uairean aig àm bidh. Tha mi-fhìn a' gabhail lunch an-drasta agus tha mi chilleadh a-mach le cupa mocha. Tha mi glè sgith agus tha e glè thrang an-diugh!
Chuir mi post-d dhan na ostailean-oigridh ann an Dun Eideann a' faighneachd ma tha e fhathast comasach obair-airson-leabaidh a' dhèanamh. Bhiodh sin air leth cuideachail dhomh ann a bhith a' glusad ann air sgath 's nach eil mòran airgead idir agam. The e a' cur dragh orm actually. Tha mi air a' bhith struggled le airgead bhon an t-Iuchar agus tha mi seach searbh sgith leis a-nis.
Ah uill. Dè 's uarrainn dhut a' dhèanamh?
Current Mood:
sleepy sgith
* * *
Tha mi a' tuigsinn nach eil Sabhal Mòr Ostaig airson oileanaich a' chall. Tha feum mòr aca air oileanaich. Tha iad deònach gu leòr, cha mhòr, duine sam bith leigeal a-staigh fhad 's tha uidh aca ann an Gàidhlig ionnsachadh ach chan eil iad idir deònach airson oileanaich a' bhith fagail leth-pairt tron a' chaid teirm. Gach turas a tha mi a' faidheachainn a' bhith ag innse ri an colaisde gu bheil mi airson tide a-miugh a' gabhail bho foghlam, tha iad ag ràdh "Ok, ach dè mu dheidhinn fuireach? Thig air ais Dihaoine."

Chan eil mi uabhasach toilichte an-seo idir agus chan eil mi air a bhith toilichte an-seo airson bliadhnaichean a-nis. Dh' atharraich mi cùrsaichean iomadh tursan ach aig deireadh an latha, tha mi a' smaoineachadh nach eil seo an àite dhomh-sa. Tha mi air leth taingeal gun d' fhuair mi na Gàidhlig ach chan eil ùidh sam bith san t-saoghal anns na cuspairean eile an-seo agus mar a thuirt mi an-deidh, chan eil ùidh sam bith san t-saoghal ann an gramar na gàidhlig.

Thàinig mi an-seo airson mo chuid Gàidhlig a' leasachadh agus airson Cùrsa Tbh a' dhèanamh. Rinn mi sin. Ged gun d' fhuair mi a-mach nach robh saoghal Tbh buileach dhomhsa, 's e cothrom math a bh' ann.

Ach uill, tha mi ag obair an-diugh aig Fàs Mòr - cuiream chloinne an-seo. Cha bhith ach dithis againn an-diugh. Tha an obair sin a' cordadh ruim fada fada nas fhèarr na an cùrsa. Tha e duilich nach eil mi ag obair lan-thide agus gu bheil mi dìreach a' dèanamh 'cover shifts' gu bidh dè an gàidhlig airson 'cover shift'. Tha riaghlt ann an-seo, ma tha thu a' cuir facal beurla ann an cromagan àrda, chan eil e gu eadar-dhealachadh sam bith gu bheil e ann am beurla.

Ah uill, tha tòrr rudan agam ri dhèanamh an-diugh. 'S docha sgrìobhaidh mi barrachd a-nochd.
Current Mood:
frustrated obh obh obh!
* * *
Ged nach eil mi nam Hindu, 's toigh leum Diwali. 'S e fèis uabhasach fhèin inntinneach a th'ann nam bheachd-sa co-dhiù. 'S dòcha cuiridh mi coibhneal air a-nochd....
Co-dhiù, 's e seo a' chiad pios-sgrìobhaidh agam an-seo ann an Gàidhlig. Tha LJ eile agam, sa bheurla, ach air sgath 's gu bheil mi a' dol dhan Dun Eidean ag aithghearr, bha miden bheachd gum biodh e math, sgrìobhadh cho tric sa 's ùarrainn dhomh sa Gàidhlig. Cuideachd tha mi airson leabhar sgrìobhadh sa ghàidhlig agus tha mi glè chinnteach gum biodh seo cuideachail dhomh a thoabh cruthach stuth sa ghàidhlig a bharrachd air aistean a bh' agam ri dhèanamh fhad 's bha mi nam oileanach an-seo.
Chan eil fhios aig an colaisde fhathast gu bheil mi fagail. 'S docha gu bheil sibhse a-miugh anns na coimhearsnachdan gàidhlig den bheachd gu bheil mi craicte a' bhith a' falbh Sabhal Mòr Ostaig agus An t-Eilean Sgitheanan ach tha adhbharan agam. An toiseach, chan eil mi uabhasach toilichte an-seo. 'S toigh leum Gàidhlig ach cha toigh leum na cuispearan agam an-seo fuis an clas Gàidhlig. Bidh sinn a' dèanamh cus gramar agus tha sin a' cur dragh mòr orm. Chan eil mi airson carson a tha sin a' sgrìobhan seantas mar sin, tha mi dìreach airson barrachd gàidhlig ionnsachadh ach chan eil mi ag ionnsachadh cus gàidhlig a bharrachd air facal gramaiteagach. Cuideachd, tha mi a' smaoineachd gun bi tide air falbh bhon an eilean math dhomh.
Tha mi airson rudan aig a bheil ùidh agam a' dhèanamh cuideachd, le sin 's docha ni mi ceum ann an Eòlas-Inntinn no Ealan an àite Iomall a' Chuain Siar.
Bidh mi, tha mi'n dochas, a' bruidhinn ri an colaisde a-maireach agus 's docha gum bi mi air an rathad Diardaoin, 's docha. Tha an t-uabhas de thrioblaidean a' nochdadh a thaobh dol dhan Dun Eideann ach tha mi a' cumail na smaointinn agam toilichte agus tha mi cinnteach gum bith mi ann ag aithghearr. Bidh àite fuireach agam còmhla ri caraid m' athair ann am Portabello airson seachdainn no dhà agus thuirt Jay, sin an caraid air m' athair, gu bheil e eòlach air daoine le seòmraichean saor le sin, tha sin math.
Uill, tha tòrr rudan agam ri dhèanamh le sin feumaidh mi falbh ach sgrìobhaidh mi barrachd ag aithghearr.
Tags:
Current Mood:
happy sona
* * *